MyLyricsFinder

Maraiche

Niteworks

Lyrics

O, 's mairg tha 'n diugh feadh garbhlaich 's ri falbhan am measg fraoich us gathan grèin gu h-òrbhuidh a' dòrtadh air gach taobh gum b'fheàrr a bhi air bàrr nan tonn air long nan cranna caol 's a' faicinn nan seòl ùra ri sùgradh anns a' ghaoith O, fhleasgaich òig, gur gòrach leam do chòmhradh anns an uair an fhraoch-bheinn ghorm ga samhlachadh ri gleanntan glas a' chuain 's gur tric a's adhbhar caoinidh leam a h-aon dhan d' thug mi luaidh bhi às mo shealladh fad air falbh air bharraibh garbh nan stuadh A rìbhinn òig dhan d' thug mi gaol b' e bhith ri d' thaobh mo mhiann bhon chiad là riamh thug mi dhut spèis bu tu mo reul 's mo ghrian ach taobh ri taobh, a luaidh ri d' ghaol tha m' aigne 'g aomadh riamh gu marcachd nan tonn dùbhghorm a dh'aindeoin dùdlachd shian O, òigeir ùir, nach èisd thu rium ged 's mòr do spèis don chuan cha mhair an òige daonnan 's 'n uair thig an aois le gruaim gur bochd an obair seann-duine bhi mach fo ghreann nan stuagh fo chathadh geal nam bòc-thonna tro 'n oidhche reòdhta fhuair O, ainnir dhonn, na sil do dheòir mu bhròn nach tig a chaoidh tha 'n Tì a' riaghladh air a' chuan tha riaghladh cluaintean fraoich is ged, a luaidh, a thriallas mi gu oirean cian an t-saoghail le thoil-san thig mi sàbhailte gu broilleach blàth mo ghaoil